Rann do 'n Ghaidhlig 'so do 'n Phiob-Mhoir 'sa' Bhliadhna 1782

Tha 'n Comunn uasal Rìoghail
A' sìor chur seòil an dràsd
Air nàdurrachd an sìnnsireachd
A thogail cinn 's gach àit:
A' Ghàidhlig air a mìneachadh
O 's cinnteach gur i 's fheàrr—
An labhairt phrìseil chùramach
Rinn cùmhnanta ri Adhamh.

Tha gach duine 'g ìnnseadh dhuinn,
Cho cinnteach ris a' bhàs,
Gur i bu chainnt aig Nòah
'N am seòladh anns an àirc,
'S i uaith sin gu lìonmhor
Aig gach lìnnidh a ta fàs;
'S cha téid i chaoidh air dìochuimhn
Gus an tìm an tig am bràth.

Mairg do ghrios Giolla Pádruig

Mairg do ghrios Giolla Pádruig
gan chion dá ghnúis ghealfhadbhuig,
gruaidh an ghil aird fa asgaidh
—mairg nar dhligh—gur dheargastair.

Maírg do ghrios a ghruaidh dtibhrigh
an tseabhaig dheirg dhoinningnigh;
clár finnleargan a aighthe
d'imdheargadh dob anaithne.

Is mairg teanga tug deathaigh
tre a ghnúis ríoghdha roichreachaigh;
a Dhé, na dhigh fam chineadh
dé an fhir do budh aindligheadh.

Is neach uainn do-rad, fa-rior,
loisne th'aighthe tre ainbhfior;
griosadh do ghruadh gcaomh gcrithreach,

Rann do 'n Ghaidhlig 's do 'n Phiob-Mhoir 'sa' Bhliadhna 1789

Brosnachadh cluiche na pìoba
Dh' ìnnsinn pàirt deth:
An toiseach a gleusadh 'n uair a lìonar
Séid 'na màla;
Fonnmhor freagarrach dh' a chéile
Na duis àrda,
Làn toil-inntinn do 'n luchd-éisdeachd
Bhios 'ga clàistinn.

Pìob uallach nam maidean réidhe
'S nan ceanna cnàmha,
De 'n fhiodh chruaidh thig a Semeuca,
'S fheàrr tha fàs ann,
Air a thuairneireachd cruinn dìreach,
Iobhaireach fàinneach;
Gaothaireach feadanach fìnealt'
Le binne chàileachd.

'S freagarrach a' chuid a steach dhith,

Duan Na Bainnse

Chaidh mi sìos do Phaibil
Ann am maduinn 's i ro fhuar ;
Chomhdhalaich mo ghoistidh mi,
E fhéin is Lochlann Ruadh ;
Ghabh sinn chum na tulaich
Far 'n robh cruinneachadh math sluaigh :
Ma rinn iad dearmad buideil oirnn
So m'uirsgeul dhuibh g'a luaidh.

Shuidh sinn aig an teine,
'S bha na gillean cuide ruinn ;
Chaidh am muilleir spreilleasach
Le gheilleart do 'n tigh shìos,
Ag aidhbhseachadh na chunnaic e
'S nach b'urrainn e g'an dìol—
“Gu bheil an siod triuir bhaodhaisteach

Oran do Thailbert a Fhuaradh O Bhanrigh Mairi

Deoch-slàinte Rìgh Deòrsa
Gun òlainn air thùs.
Le onoir 's le buaidh
Nan daoin' uaisl' tha 'na chùirt,
Le Seanalair Hàlaidh
Is Màidsear Cothùn,
Gun dìochuimhn air Màiri,
Bean mhàlda mo rùin.

Mo bheannachd gu bràth
Aig a' bhànrigh nach beò,
'S ann aic' a bha Màiri
'Ga h-àrach 's i òg;
Bean shìobhalta shàmhach
'S i nàrach gu leòr,
'N uair théid mi 'n taigh-thàirne
'S i phàigheadh na stòip.

'S tu chumadh an cothrom
'S an onoir ud rium,
'S a chuireadh am sporan

Subscribe to RSS - Irish