Fàilte na Morthir

Fàilt' ort fèin, a Mhòrthir bhòidheach,
Anns an Og-mhìos Bhealltainn.

Heitirinn à-rinn ù-rinn o ho ro
Heitirinn à-rinn ò rò.

Grian-thìr òrbhuidh 's uaine còta,
Froidhneas ròs re h-alltaibh.

Tir 'm bi pailteas coirc' is eòrna,
Beòir bho hòb, is dràm innt'.

Le biadh 's le dibh a' cur thairis
Cha tèid earrach teann orr'

'S cannach, lurach slios a tulaich,
'S duilleach mullach chrann innt'.

Le h-uisgeachan èiteag-chlach geala
Ruith throimh bhaile geamhraidh.

'S loinneil a fir anns a' bhannal,
'S sgiamhach, barr-fhionn clann innt'.

Mnathan toinnte, mòdhar, coibhneil,
Làn de loinn 's de bhaindeachd.

Am meòir chaola 's grinn air anart
'S iad cho glan ri bain-tighearn'.

'S bainneach, bailceach, braonach, glacach
Bruachan tachdrach Ailleairt.

'S lìonach, slatach, cuibhleach, breacach
Seile ghlas nan sàmhnan.

Mòrthir ghlan nam bradan tàrr-gheal,
'S airgeadach cur lann orra.

Tir làn sonais, saor o dhonas,
Gun dad conais dranndain.

Seirceach, caidreach, gun dad sladachd,
Saor o bhraid 's o anntlachd.

Pailt de chreideamh is de dh' eagnachd,
'S iad ri 'n Eaglais staingte.

'S àlainn a beinnean 's a srathan,
Is èibhinn dath a gleanntan.

Damh le rùtas dol sa' bhùireadh,
'S e ri bùirein cleamhnais.

Greighean dhearg' a' tàmh mu 'fireach,
Eilid bhiorach 's mang aice.

Boc air daradh timcheall daraig,
'N dèidh a leannain cheann-deirg.

Coilich-choille 's iad ri coilleig
Anns an doire chranntail.

Cnothach, caorach, dearcach, braonach,
Glasrach, raonach, aibhneach.

'S deiltreach, laomach, meiltreach, caoineach
A fuinn mhaoineach, leamhnach.

'S cùbhraidh suibhean, 's badach luibhean
Ris a' bhruithinn ain-teas.

'S feurach, craobhach, luideach, gaolach
An tìr fhaoilidh sheannsail.

Dìthein cheigeach 's neòinein eagach,
'S bòidheach leagail stàmp orr'

Grian ag èirigh, 'g òradh slèibhe,
'S beachan gheug ri sranntaich.

'Choill gu h-uile fo làn duillich
'S i 'na culaidh bainnse.

Bàrr gach tolmain fo bhrat ghorm-dhearc
Air gach borrachain alltain.

Gu bheil a talamh 's a h-aeir
Làn de dh' aighear annsail.

Bric le sulas leum ri buinne,
Ruith nan cuileag greannmhor.

'Chearc ri tùchan 's i ri giùgail
Is fìor chùirteil cleamhnas.
Eòin gu foirmeil seinn an orgain
Is fìor òirdheirc canntachd.

Chìte Robin seinn is sog air
Agus frog air dreallan.

'S ceòlar èibhinn bàrr gach gèige
'S an eòin fèin a' danns' orr'.

Eòin na beinne an taobh eile
'S iad ri ceilear ranntail.

Cuthag chùl-ghorm cur nan smùid dith
Ann an dùiseal cranntail.

Crodh air dàir am bàrr an fhàsaich,
An fheòir nach fàs gu crainntidh.

Crodh air theas a' ruith le 'm buaraich
'S tè le cuaich gan teann-ruith.

Geum laoigh bheaga 's crodh gam freagradh
Anns an eadradh shamhraidh.

Na minn bheaga dol an creagaibh
'S iad ri ceigeis ghreannmhor.

Luisein chùbhraidh mach a' brùchdadh
'S pàirt diubh cùl-ghorm bainndearg.

Searrach suigeartach ri ruideis
'S e ri buigeirt dannsa.

Seillein ruadha diogladh chluaran,
Mil ga buannachd 's srann ac'.

Sòbhrach, mealach, creamhach, samhach,
Cluain is camhain cham-ghalc.

'S mithich dhòmhsa triall don Mhòr-thir
Anns an òg-mhìos shamhraidh.

A bhuain snodhaich, 's gach meas nodha,
Mar ri cnothan calltainn.

A bhuain fhaillein, 's a dh' òl; bainne,
Rìgh! gur fallain m' annlan.

'S miosrach, cuachach, leabach, luachrach
Dol gu buail' as t-samhradh.

'S is òmhnach, uachdrach, blàthach, cnuacach
Lòn nam buachaill annta.

'S imeacach, gruthach, meugach, sruthach
'N imrich shubhach, ghreannmhor.

Cailin bhuidhe crathadh muidhe
'S i 'na suidh' air plancaid.

'S ùrail, àlainn, geal, dearg, blàthor
A daoin' àrsaidh 's clann innt'.

A fir buadhmhor, màrsail, sluaghmhor,
Meardha, cruaidh sa' chàmpa.

Fo 'n làn èide, le 'n toil èilidh,
Foirmeil, gleusda, sanntach.

Lom-làn de dhìlseachd do Shèasar:
Mo ghràdh fèin bhith cainnt riu.

Deoch gun tomhas dol mu 'm chomhair
Gun aon ghlomhar ganntair.

Tha mo chliabh 's mo ghoil' air lobhadh
Le uisg' odhar seanntaidh.

'S gheibh mi cobhair, bainne ghobhar,
'S e fo chobhar ceann-gheal.

'S bùrn briosg criostail, 's e ri briotal,
Ruith roimh chrioslaich bheanntan.
Translation: 
Language: 
Rate this poem: 

Reviews

No reviews yet.