Cuachag An Fhasaich

An Luinneag: A bhanarach dhonn a' chruidh,
Chaoin a' chruidh, dhonn a' chruidh,
Cailin deas donn a' chruidh,
Cuachag an fhasaich.

A bhanarach mhiogach,
'S e do ghaol thug fo chis mi,
'S math thig lamhainnean sioda
Air do mhin-bhasan bana.

'S mor bu bhinne bhith 'd eisdeachd
'N am bhith bleoghan na spreidhe
Na 'n smeorach sa' Cheitein
'M barr geig ann am fas-choill.

Nuair a sheinneadh tu coilleag
A' leigeil mairt ann an coillidh,
Thigeadh eunlaith gach doire
Dh' eisdeachd coireal do mhanrain.

Ceol farasda, fior-bhinn,
Fonnmhor, faramach, dionach
A sheinn an cailin donn, finealt
Bheireadh biogadh air m' airnean.

Ged a b' fhonnmhor an fhidheall
'S a teudan an righeadh,
'S e bheireadh danns air gach cridhe
Ceol nighean na h-airigh.

Tha deirg' agus gile
A' gleac an gruaidhean na finne,
Beul min mar an t-sirist
D' am milis thig gaire.

Deud snasta na rioghainn
Snaighte, cruinn mar na disnean,
Gur h-i an donna-gheal ghlan smideach
'S ro mhiog-shuileach faite.

Chuireadh maill' air do leirsinn
Ann am madainn dri u chd Cheitein
Na gathanan greine
Thig o 'teud-ch u l cas fainneach.

'S ciatach nuallan na gruagaich
Ri bleoghan cruidh ghuailfhinn,
A' toirt torman air cuachaig
'S bodhar-fhuaim aig a claraibh.

'S taitneach siubhal a cuailein
Ga chrathadh mu 'cluasaibh,
A' toirt muidh' air seist-luachrach
An taigh-buaile 'n gleann fasaich.

A muineal geal boidheach
Mu 'n iathadh an t-omar,
A dhath fein air gach seorsa
Chit' a' dortadh tre 'braighe.

Da mhaoth bhois bu ghrinne
Fon da ghaoirdean bu ghile
Nuair shint' iad gu h-innealt
Gu sinean cruidh fhasgadh.

Da chalpa na mainmnich
Mar phileirean mairbhill
Cho gile ri cainichein
Chinneas fanna-gheal sna blaraibh.

Gum bu mhodhar mo bheadrach
Teachd don bhuaile mu eadradh,
Seimh, sult-chorpach, beitir,
'S buarach ghreasad an ail aic'.

Do ch u l amlagach, teudach,
Buclach, feoirneineach, gleidhteach,
De chnothan na geige,
Cheapadh gleidhtich' a lan diubh.

Bheireadh d u lan na greine
Dearrsadh moch air or-sheudan,
'S gum b' ait leam ra leirsinn
Boillsgeadh eibhinn c u il Mairi.

Glac gheal a b' ard gleodhar
A' stealladh bainne 'n cuaich bhleoghain,
A' seinn nan luinneag bog seoghach,
A' togail cobhair ri Blaraich.

Nuair a thogadh tu 'bhuarach,
Cuach is curasan na buaile,
B' ao-coltach do ghluasad
Ri guanaig na sraide.

— — — —
— — — —
Gur c u bhraidh leam t' anail
Na caineal a' mhargaidh.

Cha bhanarach glinn' thu,
Cha tig aireach gad shireadh,
Ach duin' uasal den fhineadh
Theid don fhireach le 'phairtidh.
Translation: 
Language: 
Rate this poem: 

Reviews

No reviews yet.