Oran do Thailbert a Fhuaradh O Bhanrigh Mairi

Deoch-slàinte Rìgh Deòrsa
Gun òlainn air thùs.
Le onoir 's le buaidh
Nan daoin' uaisl' tha 'na chùirt,
Le Seanalair Hàlaidh
Is Màidsear Cothùn,
Gun dìochuimhn air Màiri,
Bean mhàlda mo rùin.

Mo bheannachd gu bràth
Aig a' bhànrigh nach beò,
'S ann aic' a bha Màiri
'Ga h-àrach 's i òg;
Bean shìobhalta shàmhach
'S i nàrach gu leòr,
'N uair théid mi 'n taigh-thàirne
'S i phàigheadh na stòip.

'S tu chumadh an cothrom
'S an onoir ud rium,
'S a chuireadh am sporan
Na dolair 's na crùin;
Ged a dh' òlainn leann làidir,
Fìon Spàinteach is rùm,
'S tu b' urrainn a' phàighidh
'S tu 'n àit air mo chùl.

'N uair thiginn leat dachaigh
Bhàrr faithch' an rebhiù,
'S tu sìnt' ann am bhreacan,
Bu taitneach leam thù;
Gun dèanainn do thasgaidh
Far am faicinn do ghnùis,
Mo Mhàiri dhonn mhaiseach
Air 'n do leag mi mo rùn.

'S ann do nighean na bànrigh
Thug mi gràdh is mi òg;
On a fhuair mi air làimh I
Cha robh fàilneadh am lòn;
Fhuair mi còir ort o 'n chaiptean
Nach tugainn seachad air òr,
'S ged a rachainn am blàr leat
Chan fhàgainn thu beò.

'S ann a fhuair mis' an toiseach,
Leis an fhortan a bh' ann,
A' bhean as dìriche pearsa
Théid a mach 'sa' chomannd;
'S a dh' aindeoin na h-aoise
Cha dèan I h-aogas a chall,
Cha chaolaich a casan
'S cha mhò ghlasas a ceann.

Tha Màiri cho bòidheach
Ri mnaoi òig tha 'san tìr,
'S I gun uireasbhuidh fòghlaim,
Uasal mórdhalach grinn;
'S e m' aighear 's mo shòlas
Gu bheil I pòsda rium fhìn,
'S ged a theirig dhuinn stòras
Gheibh sinn òr aig an rìgh.

Bidh sinn uil' aig Rìgh Deòrsa,
'S cha ghòraiche dhùinn,
O 's ann aige tha 'n stòras
Is còir air a' chrùn;
Bheir e 'm pàigheadh 'nar dòrn duinn
'S chan iarr òirnn dad d' a chionn,
Gheibh sinn anart is aodach
Cho saor ris a' bhùrn.

Chan 'eil trioblaid r' a chunntadh
Air muinntir an rìgh,
Ach mireag is sùgradh
'S bhith gun chùram do nì;
Ged a dh' òlainn na galain
A h-uile car a théid dìom,
Cha troideadh mo bhean rium,
'S cha leig i an t-aran am dhìth.

'S ann agam-s' tha 'n leannan
Nach 'eil feamach no breun;
'S i 'n uaisl' tha 'na mala
Tha cur a ceanail an céill;
'S tha mi fad' ann am barail
Nach 'eil a coimeas fo 'n ghréin,
'S nì mi pòrsan di daingean
Ma bhios i maireann am dhéidh.
Translation: 
Language: 
Rate this poem: 

Reviews

No reviews yet.