Oran Iain Faochag
Iain Faochag ann an Sasainn,
'S mor a mhasladh is a mhichli u ;
Chaill e na bh' aige de chairdean
'S tha naimhdean air cinntinn lionmhor;
Ge b' fhada theich e air astar,
Chaidh a ghlacadh, 's tha e ciosnaicht';
Chairich iad e fo na glasan,
'S tha 'n iuchair taisgt' aig maor a' phriosain.
Tha e nis an aite cumhann,
'S e 'na chr u ban dubhach deurach,
A chas daingean ann an iarann,
'Ga phianadh is e 'na eigin;
B' fhasa dha bhith anns an fhiabhras
Na 'n iargain a tha 'na chreubhaig;
'S e 'n sin o chionn corr is bliadhna,
A h-uile latha 'g iarraidh reite.
Ach nam faigheadh tusa reite
An eirig na rinn thu sheanchas,
B' adhbhar misnich do gach beist e
Gum feudadh iad fein do leanmhainn;
Fear gun seagh gun lagh gun reusan,
'S ann 'san eucoir a tha t' earbsa;
Theann thu mach o achd na cleire,
'S thug thu boid nach eisd thu searmoin.
Thug thu dimeas air an Eaglais,
Air a' chreideamh 's air na h-aithntean;
Chuir thu breugan air an Trianaid,
'S air na h-iarrtasan a dh' fhag iad;
Tha e nis 'na ghnothach cosmhail,
Reir an t-soisgeil tha mi claistinn,
Gun do chuir c u l ri sochair
Na saors' a choisinn ar Slanaighear.
Chuir thu c u l ri d' bhoidean-baiste,
'S mor am masladh dhuit an aicheadh;
Chaill thu ch u irt am biodh an ceartas,
Roghnaich thu 'm peacadh 'na h-aite;
Ghleidh thu 'n riaghailt 's an seol sti u raidh
A bh' aig I u das, do dhearbh-bhrathair;
'S mor an sgainneal air do dh u thaich
Thusa, bhr u id, gun d' rinn thu fas innt'.
Ach ged a sheallte h-uile doire,
" Cha robh coille riamh gun chrionach " ;
'S tha fios aig an t-saoghal uile
Nach bi choill uile co-dhireach;
'S tusa chraobh tha 'n deidh seacadh,
Gun chairt gun mheangain gun mheuran,
Gun snodhach gun bhrigh gun duilleach,
Gun r u sg, gun uiread nam freumhan.
'S tu an t-eun a chaidh 'san deachamh,
'S e nead creacht' an deachaidh t' fhagail;
'S tu 'm fitheach nach d' rinn an ceartas,
A chaidh air theachdaireachd o 'n airce;
'S tu 'm madadh-allaidh gun fhiaclan,
'S mairg a dh' iarradh bhith mar tha thu;
'S tu 'n ceann-cinnidh aig na biastan
'S tha gach duin' as fhiach a' tair ort.
Chan iongnadh leam thu bhith 'd bhalach
Is bhith salach ann ad nadur,
On a lean thu ris an d u thchas
Bh' aig na sgi u rsairean o 'n tain' thu;
'S tu 'n t-isean a fhuair an t- u maidh
Ris an t-si u rsaich air na sraidean;
'S i 'n drochbheart a thog ad chloinn thu,
'S ann ad shlaidhtire chaidh t' arach.
Thoisich thu 'n toiseach gu h-iosal
Air a' chrine 's air a' bhochdainn;
'S e 'n donas thug dhuit a bhith sporsail,
'S ann bu choir dhuit bhith 'gad chosnadh;
'S bochd nach d' fhan thu aig do dh u thchas,
Ad bhri u thair a' bruith nam poitean,
A' cumail dibhe ris gach gr u dair
'N uair a dhr u idheadh iad na botail.
Bha thu greis de d' thim ad bhaigear
'S laigh thu 'n fhad sin air na cairdean,
A bhith oidhch' anns gach taigh a's d u thaich
A dh u raigeadh cuid an trath dhuit;
A mheud 's a bha de dh' ainbhfhiach ort-sa
Chuir thu cuid nam bochd g' a phaigheadh;
Ciod e nis a chuir an stoc thu
Ach an robaireachd 's a' mheirle?
Shaoil thu gum faigheadh tu achain,
Bu mhasladh gum biodh i 'd thairgse,
Cead suidhe 'm parlamaid Bhreatann,
Gun chiall gun cheartas ad eanchainn;
Duine dall a chaidh air seachran,
Nach 'eil beachdail air na 's fhearr dha,
Le comhradh tubaisteach tuisleach,
'S le sior dhroch-thuiteamas cearbach.
Duine gun fhearann gun oighreachd,
Gun ni gun staoidhle gun airgead,
Gun bheus gun chreideamh gun chreideas,
Gun ghin a chreideas a sheanchas;
Duine misgeach bristeach breugach,
Burraidh tha 'na bheist 's 'na ainmhidh,
'S trioblaid-inntinn air itheadh deisneach,
Gu tric a' teumadh a chridhe chealgaich.
Tha thu sonraicht' ann ad Chonan
A' togail conais a measg dhaoine,
Cha chualas roimhe do choimeas
A bhith dhonas air an t-saoghal,
Ach an nathair an Garradh Edein
A mheall Eubh' aig bun na craoibhe,
A chomhairlich gu buain a' mhios i,
A dh' fhag ris an cinne-daonna.
Thoisich thu 'n toiseach 'san eucoir
Ag innse bhreugan air Righ Deorsa;
Cha chreid duine uait an sgeul ud,
'S cha toir iad eisdeachd do d' chomhradh;
'S beag a dhr u idheas do dhroch dh u rachd
Air oighr' a' chr u in is na corach,
'S a liuthad neach a tha gu toileach
A' toirt onorach dh' a Mhorachd.
Ge beag ort-sa Mormhair Loudon,
B' aithne dhomh-s' an sonn o 'n d' fhas e,
Duin'-uasal foisinneach fonnmhor,
Cridhe connmhor, aigneadh arda;
Seanalair air th u s na h-armailt,
A bha ainmeil anns na blaraibh;
Cha mhisd e madadh air bhadhal
A bhith tabhannaich an trath-s' ris.
'S gorach a labhair thu moran
Air c u l Iarla Bhoid, an t-armann,
Conspull onorach, le firinn,
A' seasamh na rioghachd gu laidir;
'S e gu h-ard-urramach priseil
Ann an c u irt an righ 's na banrigh'n,
Dh' aindeoin na Faochaig 's nam biastan
Leis am b' fhiach dol ann am pairt ris.
Bhruidhinn thu gu leir mu Albainn,
'S b' fhearr dhuit gum fanadh tu samhach;
Nan tigeadh tu choir nan Garbhchrioch,
Bu mhairg a bhiodh ann ad aite;
Bhiodh tu 'm priosan re do lathan
Dh' aindeoin na ghabhadh do phairt-sa;
'S an eirig na rinn thu dhrochbheart
Bheirt' a' chroich mar ghalar-bais dhuit.
Chan iongnadh dhuit bhith fo mhulad,
Fhuair thu diomb gach duin' a 'n al seo;
'S e sin fhein a bha thu cosnadh,
'S creutair crosda thu on dh' fhas thu;
'S lionmhor miorun ann ad chuideachd,
Mallachd na Cuigse 's a' Phap' ort,
Mallachd an t-saoghail gu leir ort,
'S mo mhallachd fhein mar ri cach ort.
'S mor a mhasladh is a mhichli u ;
Chaill e na bh' aige de chairdean
'S tha naimhdean air cinntinn lionmhor;
Ge b' fhada theich e air astar,
Chaidh a ghlacadh, 's tha e ciosnaicht';
Chairich iad e fo na glasan,
'S tha 'n iuchair taisgt' aig maor a' phriosain.
Tha e nis an aite cumhann,
'S e 'na chr u ban dubhach deurach,
A chas daingean ann an iarann,
'Ga phianadh is e 'na eigin;
B' fhasa dha bhith anns an fhiabhras
Na 'n iargain a tha 'na chreubhaig;
'S e 'n sin o chionn corr is bliadhna,
A h-uile latha 'g iarraidh reite.
Ach nam faigheadh tusa reite
An eirig na rinn thu sheanchas,
B' adhbhar misnich do gach beist e
Gum feudadh iad fein do leanmhainn;
Fear gun seagh gun lagh gun reusan,
'S ann 'san eucoir a tha t' earbsa;
Theann thu mach o achd na cleire,
'S thug thu boid nach eisd thu searmoin.
Thug thu dimeas air an Eaglais,
Air a' chreideamh 's air na h-aithntean;
Chuir thu breugan air an Trianaid,
'S air na h-iarrtasan a dh' fhag iad;
Tha e nis 'na ghnothach cosmhail,
Reir an t-soisgeil tha mi claistinn,
Gun do chuir c u l ri sochair
Na saors' a choisinn ar Slanaighear.
Chuir thu c u l ri d' bhoidean-baiste,
'S mor am masladh dhuit an aicheadh;
Chaill thu ch u irt am biodh an ceartas,
Roghnaich thu 'm peacadh 'na h-aite;
Ghleidh thu 'n riaghailt 's an seol sti u raidh
A bh' aig I u das, do dhearbh-bhrathair;
'S mor an sgainneal air do dh u thaich
Thusa, bhr u id, gun d' rinn thu fas innt'.
Ach ged a sheallte h-uile doire,
" Cha robh coille riamh gun chrionach " ;
'S tha fios aig an t-saoghal uile
Nach bi choill uile co-dhireach;
'S tusa chraobh tha 'n deidh seacadh,
Gun chairt gun mheangain gun mheuran,
Gun snodhach gun bhrigh gun duilleach,
Gun r u sg, gun uiread nam freumhan.
'S tu an t-eun a chaidh 'san deachamh,
'S e nead creacht' an deachaidh t' fhagail;
'S tu 'm fitheach nach d' rinn an ceartas,
A chaidh air theachdaireachd o 'n airce;
'S tu 'm madadh-allaidh gun fhiaclan,
'S mairg a dh' iarradh bhith mar tha thu;
'S tu 'n ceann-cinnidh aig na biastan
'S tha gach duin' as fhiach a' tair ort.
Chan iongnadh leam thu bhith 'd bhalach
Is bhith salach ann ad nadur,
On a lean thu ris an d u thchas
Bh' aig na sgi u rsairean o 'n tain' thu;
'S tu 'n t-isean a fhuair an t- u maidh
Ris an t-si u rsaich air na sraidean;
'S i 'n drochbheart a thog ad chloinn thu,
'S ann ad shlaidhtire chaidh t' arach.
Thoisich thu 'n toiseach gu h-iosal
Air a' chrine 's air a' bhochdainn;
'S e 'n donas thug dhuit a bhith sporsail,
'S ann bu choir dhuit bhith 'gad chosnadh;
'S bochd nach d' fhan thu aig do dh u thchas,
Ad bhri u thair a' bruith nam poitean,
A' cumail dibhe ris gach gr u dair
'N uair a dhr u idheadh iad na botail.
Bha thu greis de d' thim ad bhaigear
'S laigh thu 'n fhad sin air na cairdean,
A bhith oidhch' anns gach taigh a's d u thaich
A dh u raigeadh cuid an trath dhuit;
A mheud 's a bha de dh' ainbhfhiach ort-sa
Chuir thu cuid nam bochd g' a phaigheadh;
Ciod e nis a chuir an stoc thu
Ach an robaireachd 's a' mheirle?
Shaoil thu gum faigheadh tu achain,
Bu mhasladh gum biodh i 'd thairgse,
Cead suidhe 'm parlamaid Bhreatann,
Gun chiall gun cheartas ad eanchainn;
Duine dall a chaidh air seachran,
Nach 'eil beachdail air na 's fhearr dha,
Le comhradh tubaisteach tuisleach,
'S le sior dhroch-thuiteamas cearbach.
Duine gun fhearann gun oighreachd,
Gun ni gun staoidhle gun airgead,
Gun bheus gun chreideamh gun chreideas,
Gun ghin a chreideas a sheanchas;
Duine misgeach bristeach breugach,
Burraidh tha 'na bheist 's 'na ainmhidh,
'S trioblaid-inntinn air itheadh deisneach,
Gu tric a' teumadh a chridhe chealgaich.
Tha thu sonraicht' ann ad Chonan
A' togail conais a measg dhaoine,
Cha chualas roimhe do choimeas
A bhith dhonas air an t-saoghal,
Ach an nathair an Garradh Edein
A mheall Eubh' aig bun na craoibhe,
A chomhairlich gu buain a' mhios i,
A dh' fhag ris an cinne-daonna.
Thoisich thu 'n toiseach 'san eucoir
Ag innse bhreugan air Righ Deorsa;
Cha chreid duine uait an sgeul ud,
'S cha toir iad eisdeachd do d' chomhradh;
'S beag a dhr u idheas do dhroch dh u rachd
Air oighr' a' chr u in is na corach,
'S a liuthad neach a tha gu toileach
A' toirt onorach dh' a Mhorachd.
Ge beag ort-sa Mormhair Loudon,
B' aithne dhomh-s' an sonn o 'n d' fhas e,
Duin'-uasal foisinneach fonnmhor,
Cridhe connmhor, aigneadh arda;
Seanalair air th u s na h-armailt,
A bha ainmeil anns na blaraibh;
Cha mhisd e madadh air bhadhal
A bhith tabhannaich an trath-s' ris.
'S gorach a labhair thu moran
Air c u l Iarla Bhoid, an t-armann,
Conspull onorach, le firinn,
A' seasamh na rioghachd gu laidir;
'S e gu h-ard-urramach priseil
Ann an c u irt an righ 's na banrigh'n,
Dh' aindeoin na Faochaig 's nam biastan
Leis am b' fhiach dol ann am pairt ris.
Bhruidhinn thu gu leir mu Albainn,
'S b' fhearr dhuit gum fanadh tu samhach;
Nan tigeadh tu choir nan Garbhchrioch,
Bu mhairg a bhiodh ann ad aite;
Bhiodh tu 'm priosan re do lathan
Dh' aindeoin na ghabhadh do phairt-sa;
'S an eirig na rinn thu dhrochbheart
Bheirt' a' chroich mar ghalar-bais dhuit.
Chan iongnadh dhuit bhith fo mhulad,
Fhuair thu diomb gach duin' a 'n al seo;
'S e sin fhein a bha thu cosnadh,
'S creutair crosda thu on dh' fhas thu;
'S lionmhor miorun ann ad chuideachd,
Mallachd na Cuigse 's a' Phap' ort,
Mallachd an t-saoghail gu leir ort,
'S mo mhallachd fhein mar ri cach ort.
Translation:
Language:
Reviews
No reviews yet.