Rann do 'n Ghaidhlig 'so do 'n Phiob-Mhoir 'sa' Bhliadhna 1782

Tha 'n Comunn uasal Rìoghail
A' sìor chur seòil an dràsd
Air nàdurrachd an sìnnsireachd
A thogail cinn 's gach àit:
A' Ghàidhlig air a mìneachadh
O 's cinnteach gur i 's fheàrr—
An labhairt phrìseil chùramach
Rinn cùmhnanta ri Adhamh.

Tha gach duine 'g ìnnseadh dhuinn,
Cho cinnteach ris a' bhàs,
Gur i bu chainnt aig Nòah
'N am seòladh anns an àirc,
'S i uaith sin gu lìonmhor
Aig gach lìnnidh a ta fàs;
'S cha téid i chaoidh air dìochuimhn
Gus an tìm an tig am bràth.

Tha Ghàidhlig air a lìonadh
De mhìorbhaile gu léir:
Iùlmhor fonnmhor fàilteachail,
A' cur a gràdh an céill;
Mire 's cluich is gàirdeachas,
Is mànran anns gach beul—
Cha chuala sinn an eachdraidh
Na 's ceairte na i féin.

Tha gach fasan Gàidhealach
An dràsd a' tighinn gu feum:
Na deisichean a b' àbhaist dhaibh,
'S a b' fheàrr leo aca féin;
Coinneamh anns gach àite
Aig na h-àrmainn as fheàrr beus,
Gach duine labhairt Gàidhlig dhiubh,
'S a' phìob a ghnàth an gleus.

'S i pìob-mhór na h-Eaglais' Brice
A' phìob as mò mios an Albainn;
Fàinneachan chnàmh air a dosaibh,
'S i gu làidir socair calma;
Séidear 'na màla an toiseach
Na lìonas a corp le aintheas;
'S sùnndach an ionnsramaid phort i,
Is àrd a chluinnte gloc a sealbhain.

Tha i eireachdail r' a faicinn,
Chan 'eil ball de 'n acainn cearbach,
Le ribheid nam binnghuth blasda,
'S an stoc dreachmhor air a charbhadh;
Gaothair' deas dìreach gasda,
Anns na fasanan as fhearr dhiubh;
Sionnsair choimh-lìonadh gach facail
A nì chaisimeachd a dhearbhadh.

Tha i measail air gach banais
A bhitheas am fearann nan Garbhchrioch;
'S feàirrd' an camp i 'n am dhaibh tarraing,
Gu seinn coimh-theanal na h-armailt;
'S math i g' an dùsgadh 'sa' mhadainn,
'S g' an cur a chadal mu anmoch;
Tha i còrr an am an eadraidh,
'S e 'm feasgar a' chuid as fhearr dhi.

'S lìonmhor suirghich aig an ainnir
Tha tighinn ceanalta 'na tairgse;
Ge bè aca leis an téid i,
Bithidh eudach ris agus farmad;
Am fear dh' a bheil an dàn a cosnadh,
'S ann air a ta 'm fortan margaidh—
Iùbhrach nam pongannan glana
'S éibhinn dh' a leannan bhith falbh leath'.

Tha i measail ann an Lunnainn,
Fhuair i urram anns an tìr seo;
'S feàrr i na torman na clàrsaich,
'S thug i bàrr air cluiche fìdhle;
'S mór an onoir th' aig a' phàirtidh,
Nach leig iad gu bràth a dhìth oirnn
Ceòl gun a leithid r' a àireamh,
'S cànain urramach na fìrinn.

Rogha gach cainnt Gàidhlig ra-mhath,
Tagha gach ciùil sgal na pìoba;
'S ann a nis tha 'n t-am gu tarraing
Aig àrd luchd-ealaidh na rìoghachd,
Le ceòl siùbhlach lùthmhor ealamh
Sùnndach caithriseach luath dìonach;
Tha 'n seo breitheanas air talamh,
'S gheibh gach fear a réir na nì e.
Translation: 
Language: 
Rate this poem: 

Reviews

No reviews yet.